Faodaidh cuid den chànan a thèid a chleachdadh ann an sanasan prìobhaideachd a bhith sònraichte. Tha làrach-lìn Coimiseanair an Fhiosrachaidh a’ toirt seachad ro-ràdh feumail mu phrìomh theirmean agus bhun-bheachdan.
Tha dàta pearsanta a’ ciallachadh fiosrachadh co-cheangailte ri neach fa leth tro an gabhadh iad aithneachadh gu dìreach no gu neo-dhìreach.
Bidh an SPCB a’ tional agus a’ làimhseachadh dàta pearsanta gus na gnìomhan farsaing a leanas aig Pàrlamaid na h-Alba a choileanadh:
Tha na seòrsaichean dàta pearsanta a tha SPCB a’ pròiseasadh a’ gabhail a-steach dàta pearsanta àbhaisteach agus dàta pearsanta sònraichte.
Tha dàta pearsanta sònraichte a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu:
Tha an SPCB a’ gabhail os làimh a bhith a’ làimhseachadh an t-seòrsa dàta pearsanta seo a rèir gach lagh dìon dàta ann an dòigh a tha a’ nochdadh gu bheil cunnart nas motha ann do dhaoine fa-leth nuair a thèid dàta pearsanta sònraichte a làimhseachadh.
Bidh an SPCB a’ làimhseachadh mòran diofar sheòrsaichean dàta pearsanta gus raon farsaing de ghnìomhachd a choileanadh. Gus a bhith soilleir mu mion-fhiosrachadh raointean sònraichte de phròiseasadh dàta pearsanta tha sinn air sreath de shanasan prìobhaideachd fa leth a chruthachadh gus cunntas a thoirt agus mìneachadh a dhèanamh air mar a thèid dàta pearsanta a chruinneachadh agus a làimhseachadh ann an suidheachaidhean sònraichte.
Nuair a bhios an SPCB a’ tional dàta pearsanta bheir sinn fiosrachadh an-còmhnaidh mu thùs an dàta phearsanta agus mìnichidh sinn na h-adhbharan a tha sinn ga phròiseasadh.
Feumaidh an SPCB a’ bhunait laghail innse agus a mhìneachadh airson a bhith a’ tional agus a’ làimhseachadh dàta pearsanta agus tha mion-fhiosrachadh mu dheidhinn seo air a thoirt seachad anns gach sanas prìobhaideachd fa leth againn. Tha a’ bhunait laghail airson a bhith a’ tional agus a’ stòradh dàta pearsanta an urra ris an t-seòrsa dàta phearsanta a thathar a’ pròiseasadh agus na h-adhbharan airson a bhith ga chruinneachadh agus ga làimhseachadh. Aig amannan faodaidh barrachd air aon bhunait laghail a bhith ann airson a bhith a’ pròiseasadh dàta pearsanta agus ma thachras sin thèid a mhìneachadh gu soilleir anns an t-sanas prìobhaideachd fa leth far a bheil e a’ buntainn.
Ma roinneas an SPCB dàta pearsanta sam bith gus na gnìomhan aca a choileanadh, thèid na h-adhbharan airson seo a mhìneachadh anns na sanasan prìobhaideachd co-cheangailte riutha ann an dòigh a tha soilleir agus furasta a thuigsinn.
Cha chùm an SPCB dàta pearsanta ach airson ùine shònraichte gus na gnìomhan sònraichte a tha air am mìneachadh ann an sanas prìobhaideachd fa leth a choileanadh. Tha riatanasan laghail no riatanasan eile aig an SPCB a thaobh fiosrachadh a chumail airson ùine shònraichte agus tha seo air a mhìneachadh ann an sanasan prìobhaideachd fa leth. Cha chùm an SPCB fiosrachadh airson ùine a tha nas fhaide na an t-adhbhar a tha an dàta pearsanta air a chruinneachadh no air a làimhseachadh. Mura h-eil e comasach ùine shònraichte innse, thèid an t-adhbhar airson seo a mhìneachadh anns an t-sanas prìobhaideachd fa leth.
Tha an SPCB a’ meas tèarainteachd dàta pearsanta air leth cudromach agus a’ cur an gnìomh ceumannan teicnigeach teanna agus eagrachadh eile gus dàta pearsanta a dhìon. Tha tuilleadh fiosrachaidh co-rèireach mu dheidhinn seo air a mhìneachadh ann an sanasan prìobhaideachd fa leth.
Bidh an SPCB a’ cleachdadh chriomagan gus fiosrachadh a chruinneachadh mu mar a bhios luchd-tadhail a’ cleachdadh ar làraich-lìn gus ar cuideachadh le bhith a’ leasachadh mar a tha e ag obair, agus gus a dhèanamh nas fhasa do luchd-tadhail an làrach-lìn againn a chleachdadh le bhith a’ lìbhrigeadh dhuilleagan nas luaithe no a’ cuimhneachadh seatadh luchd-cleachdaidh. A bharrachd air sin, faodaidh bhideothan air an làraich-lìn criomagan a chleachdadh le solaraichean treas-phàrtaidh leithid YouTube.
Tha am fiosrachadh a chruinnicheas sinn gun urra – chan urrainnear a chleachdadh gus d’ aithneachadh gu pearsanta. Tha tuilleadh fiosrachaidh mun dòigh anns am bi sinn a’ cleachdadh chriomagan agus mar as urrainn dhut do bhrobhsair a chur an sàs gus smachd a chumail air criomagan ri fhaighinn anns a’ phoileasaidh chriomagan againn.
Thoiribh fa-near: Tha Pàrlamaid na h-Alba ga riaghladh leis an Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002. Tha an Achd ag iarraidh oirnn fiosrachadh a tha sinn a’ cumail a shealltainn don neach-tagraidh mura h-eil cead-saoraidh againn a chumail air ais. Tha seo a’ toirt a-steach dàta pearsanta a tha sinn a’ cumail. Ma tha an t-iarrtas a’ còmhdach dàta pearsanta, feumar beachdachadh air leas cuspair an dàta ach aig a’ cheann thall, dh’fhaodadh gum feum sinn, fon lagh, am fiosrachadh a sgaoileadh chun neach a rinn an t-iarrtas.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002, tadhail air làrach-lìn Oifis Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba.
A rèir nam prionnsapalan a tha mar bhunait ris an Stiùireadh Nàiseanta airson Dìon Chloinne ann an Alba (2014), a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba, faodaidh ar luchd-obrach dragh a nochdadh do na h-ùghdarrasan iomchaidh ma thig iad tarsainn air cùis rè an cuid obrach a bheir orra smaoineachadh gum faodadh leanabh a bhith ann an cunnart droch dhìol no cron.
Tha an GDPR a’ mìneachadh nan còraichean a th’ aig daoine fa leth a thaobh fiosrachadh pearsanta a tha air a chumail mun deidhinn le rianadairean dàta. Tha na còraichean sin air an liostadh gu h-ìosal, ged a dh’fhaodadh gum bi comas gach aon de na còraichean sin a chleachdadh ann an cùis shònraichte an urra ris an adhbhar airson a bheil an rianadair dàta a’ pròiseasadh an dàta agus a’ bhunait laghail air a bheil pròiseasadh a’ tachairt (faic na sanasan prìobhaideachd fa leth airson tuilleadh fiosrachaidh a thaobh gnìomhan pròiseasaidh sònraichte).
Tha a’ chòir agad lethbhreac den fhiosrachadh pearsanta a tha sinn a’ cumail mud dheidhinn iarraidh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, thoir sùil air an duilleag againn air Dèanamh Iarrtas airson Cothrom air an Fhiosrachadh Phearsanta agad.
Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh pearsanta agad ceart, coileanta agus cho ùr ’s a ghabhas, agus mura h-eil, faodaidh tu iarraidh oirnn a cheartachadh.
Tha a’ chòir agad iarraidh oirnn fiosrachadh pearsanta mud dheidhinn a sguabadh às ma:
Tha a’ chòir agad aig àm sam bith iarraidh oirnn sgur a bhith a’ cleachdadh an fhiosrachaidh phearsanta agad airson adhbharan margaidheachd dhìreach. A bharrachd air sin, far am bi sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh phearsanta agad gus gnìomhan a choileanadh airson math a’ phobaill, ma dh’iarras tu oirnn, sguiridh sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh phearsanta sin mura h-eil adhbharan dligheach cudromach ann airson leantainn air adhart.
Ann an cuid de chùisean, faodaidh tu iarraidh oirnn cuingealachadh a dhèanamh air mar a chleachdas sinn am fiosrachadh pearsanta agad. Faodaidh a’ chòir buntainn, mar eisimpleir, far a bheil sinn a’ sgrùdadh dè cho ceart ’s a tha fiosrachadh pearsanta mud dheidhinn a tha sinn a’ cumail, no a’ meas dligheachd gearan sam bith a rinn thu a thaobh d’ fhiosrachadh a chleachdadh.
Faodaidh a’ chòir buntainn cuideachd far nach eil seo na bhunait tuilleadh airson a bhith a’ cleachdadh d’ fhiosrachaidh phearsanta ach nach eil thu airson gun cuir sinn às don dàta. Far a bheil a’ chòir seo air a chleachdadh gu dligheach, chan fhaod sinn am fiosrachadh pearsanta buntainneach a chleachdadh ach le do chead, airson tagraidhean laghail no far a bheil adhbharan leas poblach eile ann airson sin a dhèanamh.
Ma chleachdas sinn am fiosrachadh pearsanta agad gu fèin-obrachail gus co-dhùnaidhean a dhèanamh a bheir buaidh mhòr ort, tha còir agad iarraidh gun tèid an co-dhùnadh ath-sgrùdadh le neach ris am faod thu tagradh a dhèanamh agus an co-dhùnadh a cheasnachadh. Chan eil a’ chòir seo a’ buntainn ach nuair a chleachdas sinn am fiosrachadh agad le do chead no mar phàirt de dhàimh chùmhnantail leat.
Far am bi sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachaidh phearsanta le do chead faodaidh tu an cead sin a tharraing air ais aig àm sam bith agus sguiridh sinn de bhith a’ cleachdadh d’ fhiosrachaidh phearsanta airson an adhbhair/adhbharan a chaidh cead a thoirt seachad.
Feuch an cuir thu fios thugainn ann an gin de na dòighean a tha air am mìneachadh anns an earrainn ‘Fiosrachadh Conaltraidh agus Tuilleadh Comhairle’ ma tha thu airson gin de na còraichean sin a chleachdadh.
Bidh an SPCB a’ dèanamh ath-bhreithneachadh gu cunbhalach air gach sanas prìobhaideachd agus ag amas air seo a dhèanamh gach 12 mìosan. Tha an ceann-latha nuair a chaidh gach sanas prìobhaideachd ùrachadh mu dheireadh ri lorg anns gach sanas. Gheibhear lethbhreacan pàipeir de shanasan prìobhaideachd a’ cleachdadh an fhiosrachadh conaltraidh gu h-ìosal.
Chaidh an sanas prìobhaideachd seo ùrachadh mu dheireadh air 10 Samhain 2020.
Ma tha ceist sam bith eile agad mun dòigh anns am bi sinn a’ pròiseasadh dàta pearsanta, no mu mar as urrainn dhut do chòraichean a chleachdadh, cuir fios chun Cheannard Riaghladh
Fiosrachaidh aig:
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP
Fòn: 0131 348 6913 (Cuiridh sinn fàilte ro ghairmean tron t-seirbheis Text Relay no ann an Cànan Soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.)
Post-d: dataprotection@parliament.scot
Tha fàilte ro phost-d sa Ghàidhlig.
Bidh sinn a’ feuchainn ri fuasgladh fhaighinn air a h-uile gearan mu mar a làimhsicheas sinn fiosrachadh pearsanta ach tha còir agad cuideachd gearan a chur a-steach gu Oifis Coimiseanair an Fhiosrachaidh air-loidhne aig: https://ico.org.uk/make-a-complaint. No air a’ fòn aig: 0303 123 1113