Skip to main content

Language: English / Gàidhlig

Loading…

Criomagan

Tha an duilleag seo a’ mìneachadh dè a th’ ann an criomagan, mar a tha iad ag obair, ciamar a bu chòir an làimhseachadh agus mar a bhios sinn a’ cleachdadh chriomagan.

Dè th’ ann an criomagan

’S e a th' ann an criomagan ach faidhlichean teacsa beaga a bhios làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba a’ cur air a’ choimpiutair agad. Bidh iad a’ cuideachadh na làraich-lìn seo ag obair.

Bidh criomagan a’ tional fiosrachadh mu mar a chleachdas tu an làrach seo gus an dèan sinn cinnteach gu bheil e a’ coinneachadh ris na feumalachdan agad. Cha bhi iad a’ tional fiosrachadh a ghabhadh cleachdadh gus d’ aithneachadh gu pearsanta.

Mar a bhios criomagan ag obair

Bidh criomagan a’ stòradh fiosrachadh air an inneal a tha thu a’ cleachdadh. Aig amannan tha am fiosrachadh seo riatanach ma tha thu airson comasan làraich-lìn a chleachdadh. Mar eisimpleir, ma dh’fheumas tu logadh a-steach, leigidh criomag leis an làraich-lìn d’ fhiosrachadh logadh a-steach aithneachadh.

Faodar criomagan a chleachdadh cuideachd gus tuairisgeul dhed ghnìomhachd a chruthachadh air làrach-lìn. Tha seo a’ gabhail a-steach dè na duilleagan air am bi thu a’ tadhal agus dè cho fada ’s a chaitheas tu air gach duilleag.

Faodaidh làrach-lìn am fiosrachadh seo a chleachdadh gus na duilleagan a chì thu a dhèanamh freagarrach dhut nuair a thadhlas tu aig àm eile.

Tha liosta gu h-ìosal de mar a bhios Pàrlamaid na h-Alba a’ cleachdadh chriomagan.

Làimhseachadh no cur às do chriomagan

Leigidh a h-uile dreach a nochd bho chionn ghoirid de bhrobhsairean ainmeil, leithid Google Chrome, Internet Explorer no Mozilla Firefox, smachd a chumail air criomagan.  Faodaidh tu do bhrobhsair a sheatadh gu:

  • Gabh ris a h-uile criomag
  • Diùlt gach criomag
  • Gabh ri no diùlt cuid de chriomagan

Mar eisimpleir, is dòcha gum biodh tu toilichte gabhail ri criomag a leigeas leat logadh a-steach air làrach-lìn, ach gu bheil thu airson feadhainn a dhiùltadh a tha air an cleachdadh gus tuairisgeul a chruthachadh air mar a chleachdas tu an eadar-lìon.

Bu chòir dhut cuideachd a bhith comasach air do bhrobhsair a sheatadh gus innse dhut gach uair a thèid criomag a thabhann.

Tadhail air làrach-lìn Oifis Coimiseanair an Fhiosrachaidh gus faighinn a-mach ciamar as urrainn dhut criomagan a làimhseachadh no a sguabadh às.

Mar a bhios sinn a’ cleachdadh chriomagan

Bidh sinn a’ cleachdadh chriomagan airson dà adhbhar:

  • gus a dhèanamh nas fhasa dhut an làrach-lìn a chleachdadh. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach a dhèanamh nas luaithe agus nas fhasa dhut na tha a dhìth ort a lorg, no cuimhneachadh air na roghainnean agad.
  • gus fiosrachadh a chruinneachadh mu mar a chleachdas tu an làrach-lìn againn tro Google Analytics (GA). Tha GA na inneal a bheir a-mach staitistig mhionaideach mu ghnìomhachd làraich-lìn. Leigidh e leinn faicinn far an urrainn don làraich-lìn coinneachadh nas fheàrr ri feumalachdan ar luchd-cleachdaidh. 

Na criomagan a bhios sinn a’ cleachdadh

Ainm Na bhios e a' dèanamh Nuair a chaitheas e 
ASP.Net_SessionId  Bidh e a’ cuideachadh le bhith a’ cur dàta ann an àite stòraidh sealach ('caching'). Nì e seo air cuid de rudan gus am bi an làrach-lìn ag obair nas fheàrr dhutsa. Mar eisimpleir, ma dh’atharraicheas tu an duilleag gu iomsgaradh àrd, cumaidh e an suidheachadh mar sin gus an dùin thu do bhrobhsair. Bidh e a’ stòradh an t-seisein agad gu sealach gus an dùin thu do bhrobhsair.
 ApplicationGatewayAffinity  Bidh e a’ clàradh dè am frithealaiche a tha ga chleachdadh. Chan eil seo riatanach airson an làrach-lìn obrachadh, ach leasaichidh e mar a tha e ag obair.  Mar eisimpleir, le bhith a’ leigeil le duilleagan luchdachadh nas luaithe. Bidh e a’ stòradh an t-seisein agad gu sealach gus an dùin thu do bhrobhsair.
 ApplicationGatewayAffinityCORS  Tha e a’ dèanamh comasach an reat as fheàrr de fhreagairt eadar an neach-cleachdaidh agus an làrach-lìn. Cha leig thu a leas seo airson gum bi an làrach-lìn ag obair, ach bidh e ag obair nas fheàrr ma tha seo agad. Mar eisimpleir, le bhith a’ leigeil le duilleagan luchdachadh nas luaithe. Bidh e a’ stòradh an t-seisein agad gu sealach gus an dùin thu do bhrobhsair.
 website#lang  Sàbhalaidh e an cànan as fheàrr leat a chleachdadh air an làrach-lìn. Ma thèid a chur dheth bidh an làrach-lìn a’ tilleadh chun a’ chànain aice fhèin (an dara cuid Beurla no Gàidhlig a rèir dè an làrach air a bheil thu a’ tadhal). Bidh e a’ stòradh an t-seisein agad gu sealach gus an dùin thu do bhrobhsair.
 _ga (Google Analytics) Bidh e a’ clàradh Fèin-aithne sònraichte a thèid a chleachdadh gus dàta staitistigeil a ghineadh air mar a chleachdas tu an làrach-lìn.
2 bliadhna
 _gat (Google Analytics) Tha e air a chleachdadh le Google Analytics gus 'an ìre iarrtais' a throtadh.
latha
 _gid (Google Analytics) Bidh e a’ clàradh Fèin-aithne sònraichte a thèid a chleachdadh gus dàta staitistigeil a ghineadh air mar a chleachdas tu an làrach-lìn. latha
 Google Analytics user-consent cookie Bidh e a’ clàradh roghainn neach-cleachdaidh nuair a thaghas iad a bhith a' gabhail ri no a' diùltadh chucaidhean. Dà sheachdain
 Sitecore user-consent cookie Is e Sitecore an siostam a bhios sinn a’ cleachdadh gus fiosrachadh air parliament.scot a riaghladh.  Bidh an cucaidh seo a’ clàradh do roghainn nuair a thaghas tu a bhith a' gabhail ri no a' diùltadh chucaidhean. Mìos

Criomagan Hotjar

Bidh sinn a’ cleachdadh Hotjar gus fios air ais a chruinneachadh tro shuirbhidhean air-loidhne. Bidh sinn cuideachd a’ cleachdadh a’ ghnìomh ‘heat-map’ gus faicinn mar a tha daoine a' cleachdadh na làrach-lìn againn. Cleachdaidh sinn am fiosrachadh sin gus an làrach-lìn a leasachadh.

Is iad seo na cucaidhean as cumanta a shuidhicheas HotJar, nuair a bhios suirbhidh a’ ruith. Tha pìos còd tracaidh ga fhàgail air an làrach-lìn eadhon nuair nach eil suirbhidhean a’ ruith.

 

Ainm Na bhios e a' dèanamh Nuair a chaitheas e
_hjSessionUser_{site_id} Tha e ga shuidheachadh a’ chiad turas a nochdas neach-cleachdaidh air duilleag. Cumaidh e an ID Neach-cleachdaidh (User ID) Hotjar a tha airson na làraich sin a-mhàin. Cha bhi Hotjar a’ tracadh luchd-cleachdaidh thar diofar làraich. Bidh e a’ dèanamh cinnteach gu bheil dàta bho thursan às dèidh sin air an aon làraich air an riarachadh air an aon ID neach-cleachdaidh. Bliadhna
_hjFirstSeen Bidh e a’ comharrachadh a’ chiad seisein aig neach-cleachdaidh ùr. Air a chleachdadh le sìoltachain Clàraidh gus seiseanan luchd-cleachdaidh ùr a chomharrachadh. Fad 30 mionaid, air a leudachadh le gnìomhachd neach-cleachdaidh.
_hjHasCachedUserAttributes Innsidh e do Hotjar a bheil an seata dàta ann an _hjUserAttributes Local Storage item ùraichte no nach eil. Seisean
_hjUserAttributesHash Innsidh e do Hotjar nuair a tha Feart Neach-cleachdaidh sam bith air atharrachadh agus feumach air ùrachadh. Fad 2 mhionaid, air a leudachadh gach 30 diog.
_hjIncludedInSessionSample_{site_id} Tha e ga shuidheachadh gus faighinn a-mach a bheil neach-cleachdaidh air a ghabhail a-steach san t-samplachadh dàta a tha air a mhìneachadh le crìoch seisean làitheil làrach Pàrlamaid na h-Alba. Fad 2 mhionaid, air a leudachadh gach 30 diog.

Faigh a-mach tuilleadh fiosrachaidh mu chucaidhean Hotjar

Share this page