Skip to main content

Language: English / Gàidhlig

Loading…

Seòmar agus comataidhean

Stiùireadh do Luchd-fianais

Seo a h-uile càil air am feum fios a bhith agad mu bhith nad neach-fianais aig comataidh.

Stiùireadh do Luchd-fianais

Mar a dh’ullaicheas tu a bhith nad neach-fianais

Na tha e a' ciallachadh a bhith nad neach-fianais

Eu-coltach ri neach-fianais ann an cùis-lagha no cùirt, is e neach-fianais comataidh cuideigin a tha airson an sgeulachd aca innse agus am beachdan a thoirt seachad air cuspair air a bheil a’ chomataidh a’ beachdachadh.

Chan eil dòigh cheart no cheàrr ann a bhith nad neach-fianais comataidh. Tha thu ann airson do sgeulachd no eòlas a cho-roinn.

A’ faireachdainn ullaichte

Is e leughadh tron stiùireadh seo an dòigh as fheàrr air a bhith a’ faireachdainn ullaichte airson na dh’fhaodadh tachairt air an latha. Ma tha thu ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh, faodaidh tu fios a chur air an sgioba chlàrcan. Faodaidh iadsan an obair a tha a’ chomataidh a’ dèanamh a mhìneachadh agus innse dhut cò eile a dh’fhaodadh a bhith a’ toirt seachad am beachdan. Faodaidh iad do chuideachadh ma tha riatanasan ruigsinneachd sònraichte agad.

Mus tig thu don choinneimh faodaidh tu cuideachd:

  • coimhead air an obair a tha a’ chomataidh air a dhèanamh roimhe
  • coimhead air seann sheiseanan comataidh anns an roinn "Tasglan Bhidio" air TBh na Pàrlamaid

Faodaidh seo do chuideachadh gus beachd fhaighinn air mar a tha a’ chomataidh ag obair agus cò ris a bu chòir dùil a bhith agad.

Dòighean eile air do bheachdan a thoirt seachad

Is dòcha gum bi e comasach dhut do bheachdan a thoirt seachad tro cheangal bhidio ma tha feum air sin. Faodaidh tu innse dhuinn ro làimh ma tha thu airson seo a dhèanamh le bhith a’ cur fios air clàrc na comataidh agad.

Toirt seachad do bheachdan ann an cànan eile 

Faodaidh tu do bheachdan a thoirt seachad mar neach-fianais aig comataidh ann an cànan sam bith, a’ gabhail a-steach Cànan Soidhnidh Bhreatainn agus Gàidhlig. Dìreach innis do chlàrc na comataidh mas math leat seo a dhèanamh, a’ toirt uimhir rabhaidh dhuinn ’s a ghabhas. 

A’ toirt cuideigin còmhla riut

Tha thu làn di-beathte cuideigin a thoirt còmhla riut nuair a thig thu a bhith nad neach-fianais, agus faodaidh iad suidhe anns a’ ghailearaidh phoblach. Gheibh iad tiogaidean bho dheasg Seirbheisean Luchd-tadhail anns a’ Phrìomh Thalla air an latha no faodaidh iad tiogaidean òrdachadh ro-làimh.

Corra uair faodaidh comataidh iarraidh ort do bheachdan a thoirt seachad gu prìobhaideach. Ma thachras seo agus ma tha thu airson cuideigin a thoirt còmhla riut, bruidhinn ris na clàrcan mu na tha comasach.

A’ Faighinn do chuid chosgaisean air ais

Dh’fhaodte gum bi e comasach do chosgaisean fhaighinn air ais ma tha thu a’ gabhail pàirt ann an seisean comataidh. Ma tha thu airson cosgaisean fhaighinn air ais, feumaidh tu fios a chur gu clàrcan na comataidh ro-làimh gus aonta fhaighinn.

Ma tha thu a’ riochdachadh buidheann aig coinneamh comataidh, mar as trice, phàigheadh a’ bhuidheann agad na cosgaisean.

Dh’fheumadh na cuidhteasan tùsail a bhith ann leis na h-iarrtasan airson cosgaisean.

Ma tha ceist sam bith agad, cuir fios do na clàrcan.

Mar a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba

Càite a bheil Pàrlamaid na h-Alba?

Tha Pàrlamaid na h-Alba faisg air Suidheachan Artair agus aig bonn na Mìle Rìoghail, ris an canar cuideachd an Canongate. Tha e cuideachd mu choinneamh Lùchairt Taigh an Ròid. Is e an seòladh puist Horse Wynd EH99 1SP.

Ann an càr

Chan eil àite-pàircidh ri fhaighinn aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha na pàircean-chàraichean as fhaisge aig Dynamic Earth, St John's Hill, no ri taobh Stèisean Waverley Dhùn Èideann (slighe a-steach air New Street).

Pàirceadh do chiorramaich

Gheibhear pàirceadh do dhaoine ciorramach le bràiste ghorm air Horse Wynd, mu choinneimh prìomh dhoras poblach na Pàrlamaid. Cha ghabh àite a ghlèidheadh ro-làimh seach gu bheil iad air an riaghladh le Comhairle Baile Dhùn Èideann.

Air bus

Bidh Busaichean Lodainn a’ ruith aon seirbheis a stadas aig a’ Phàrlamaid – an àireamh 35 (stad-bus Pàrlamaid na h-Alba).

Cleachd Checkmybus Edinburgh airson slighean bus eile a tha a’ stad astar coiseachd goirid air falbh.

Air trèana

Tha Stèisean Waverley Dhùn Èideann 15 mionaid air chois no turas tagsaidh goirid don Phàrlamaid. Faigh a-mach mu ruigsinneachd aig stèisean Waverley Dhùn Èideann air làrach-lìn NetworkRail.

Air baidhsagal

Gheibhear racaichean baidhsagail poblach faisg air an t-slighe a-steach don togalach.

Goireasan agus Ruigsinneachd

Goireasan ruigsinneach aig Pàrlamaid na h-Alba

Am measg nan goireasan ruigsinneach tha:

  • lùban inntrigidh dhaibhsan aig a bheil duilgheadasan claisneachd
  • taighean-beaga do dhaoine ciorramach agus taighean-beaga changing places
  • àiteachan sàmhach
  • seòmar ciad-chobhair

Leugh an stiùireadh ruigsinneachd againn an seo (Beurla)

Locairean

Tha locairean agus àite stòraidh bhagaichean againn ma tha thu ag iarraidh bagaichean agus còtaichean fhàgail fhad ‘s a tha thu anns a’ choinneimh comataidh.

Bidh feum agad air bonn nota gus an locair obrachadh, ach gheibh thu seo air ais às dèidh làimh.

Crèche

Tha an crèche

  • An-asgaidh agus gabhaidh a chleachdadh airson gus ri 4 uairean san t-seachdain
  • Airson clann eadar aois 6 seachdainean agus 5 bliadhna
  • Fosgailte Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin
  • Tha àiteachan rim faighinn air stèidh buail-a-steach no faodar an clàradh ro-làimh.

Faigh a-mach barrachd mun chrèche againn an seo (Beurla)

Cafaidh

Tha an Cafaidh – a’ Bhiadhlann – fosgailte aig na h-amannan seo:

Diluain is Dihaoine agus làithean saora poblach:

  • 10m gu 5m (innrigeadh mu dheireadh 4.30f)

Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin, nuair a bhios a’ Phàrlamaid na suidhe

  • 9m gu 6f (inntrigaedh mu dheireadh 5.30f)

Faigh a-mach barrachd mun Cafaidh againn an seo (Beurla)

Nuair a ruigeas tu 

A’ dol tro thèarainteachd

Tha siostam sgrùdaidh bhagannan againn aig an t-slighe a-steach phoblach. Feumaidh tu do chòta a thoirt dhiot agus na bagannan agad a chur tron sganair againn. Ma dh’fheumas tèarainteachd sgrùdadh-bodhaige a dhèanamh ort, faodaidh tu iarraidh gun tèid seo a dhèanamh gu prìobhaideach ma tha thu a’ faireachdainn nas comhfhurtail.

Ma tha thu fadalach

Faodaidh e 15-20 mionaid a thoirt airson a dhol tro thèarainteachd ma tha e trang. Ma tha thu fadalach, innis don luchd-tèarainteachd aig a’ phrìomh dhoras agus feuchaidh iad ri do shlighe a-steach don togalach a dhèanamh nas luaithe.

Ma tha a’ choinneamh agad ro 8.30m

Ma ruigeas tu ro 8.30m is dòcha nach bi an togalach fosgailte don phoball fhathast. Ma thachras seo, cuir fios gu tèarainteachd a’ cleachdadh a’ phutain cheàrnagaich CALL air taobh deas an dorais shleamhnachaidh aig a’ phrìomh dhoras. Innis dhaibh gu bheil thu ann airson a bhith nad neach-fianais aig coinneamh comataidh.

Arrow pointing at 'Call' button at entrance to Scottish Parliament

Seirbheisean Luchd-tadhail

Nuair a tha thu air a dhol tro thèarainteachd, theirig gu deasg Seirbheisean Luchd-tadhail. Nuair a choisicheas tu a-steach don Phrìomh Thalla, tha seo air an làimh dheis.

Innis dhaibh gu bheil thu ann airson a bhith nad neach-fianais aig comataidh agus thèid pas neach-fianais a thoirt dhut.

Thig cuideigin gad iarraidh gus do thoirt gu seòmar coinneimh na comataidh, no seòmar feitheimh.

Visitor Services desk

Nuair a tha thu aig Coinneamh na Comataidh

Na bhios romhad anns an t-seòmar comataidh

Mar as trice bidh na BPA san t-seòmar mu thràth agus is dòcha gum bi a’ choinneamh air tòiseachadh nuair a ruigeas tu. Bidh sanas-ainm agad airson innse far am bu chòir dhut suidhe. Bidh uisge ri fhaighinn air a’ bhòrd.

Ma tha thu airson bruidhinn, faodaidh tu aire a’ chlàirc no an neach-gairm a ghlacadh. Fuirich gus an tèid an solas air a’ mhaicreafòn dearg mus tòisich thu a’ bruidhinn.

Seòrsaichean coinneamh comataidh

Mar as trice tha dà sheòrsa de choinneamh comataidh ann – bòrd cruinn agus panail.

Aig coinneamh bòrd cruinn, bidh luchd-fianais agus buill comataidh a’ suidhe còmhla timcheall bòrd na comataidh.

Mar as trice tha coinneamh panail nas coltaich ri seisean ceist is freagairt. Bidh luchd-fianais nan suidhe aig aon cheann den bhòrd, mu choinneimh BPA.

Na gabh dragh mura h-urrainn dhut a h-uile ceist a chaidh fhaighneachd dhut a fhreagairt aig an àm. Mura h-eil thu cinnteach mu rudeigin, tha e ceart gu leòr fiosrachadh a chur air post-d gu sgioba nan clàrcan às dèidh an t-seisein. Ma thèid ceist a chur nach eil a’ buntainn ris an raon-eòlais agad, dìreach can seo agus gluaisidh a’ chomataidh air adhart.

Leigidh na clàrcan fios thugad dè seòrsa coinneamh a tha thu a’ frithealadh, no ma bhios a’ choinneamh ann an cruth eadar-dhealaichte. Ma tha thu airson bruidhinn air cruth na coinneamh is mar a thèid a cumail, cuir fios do na clàrcan – bhiodh iad toilichte bruidhinn air seo leibh ron coinneamh.

Cò bhios aig coinneamh comataidh

Bidh cuid de na daoine a leanas nan suidhe timcheall air bòrd na comataidh còmhla riut. Dh’fhaodadh cuid eile a bhith san t-seòmar, aon chuid aig a’ chliathaich no anns a’ ghailearaidh phoblach. Faodaidh tu sùil a thoirt air seòmar comataidh agus na daoine a tha ann.

Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA)

Tha comataidhean air an dèanamh suas de BhPA bho dhiofar phàrtaidhean. Gheibh thu a-mach cò na BPA a chì thu aig a’ choinneimh agad air duilleag na comataidh. Bidh an neach-gairm agus leas neach-gairm aig ceann a’ bhùird. Is e an neach-gairm am BPA a bhios sa chathair aig a’ choinneimh.

Clàrcan

Is iad clàrcan na comataidh am prìomh phuing conaltraidh agad. Tha clàrcan ann gus taic a thoirt don chomataidh le bhith ag ullachadh agus a’ cur choinneamhan air dòigh. Bidh iad nan suidhe ri taobh an Neach-gairm gus comhairle a thoirt dhaibh mu mhodhan-obrach ma tha feum air. Bidh iad a’ coimhead gus faicinn cò a tha airson bruidhinn ann an coinneamh agus mar sin ma tha thu airson ceist a fhreagairt, glac an sùil agus leigidh iad fios don Neach-gairm.

Luchd-obrach na h-Aithisg Oifigeil

Bidh luchd-obrach na h-Aithisg Oifigeil a’ deasachadh na h-Aithisg Oifigeil (OR)  – clàr sgrìobhte de gach coinneamh comataidh phoblach. Às dèidh na coinneimh, ma tha luchd-obrach na h-Aithisg Oifigeil airson dèanamh cinnteach mu rudeigin a thuirt thu, leithid litreachadh ainm, is dòcha gun toir iad nota dhut no gum bruidhinn iad riut.

Thèid Aithisg Oifigeil na coinneimh agad fhoillseachadh air-loidhne, mar as trice taobh a-staigh beagan làithean.

Craoladh

Tha a h-uile coinneamh comataidh poblach air a chraoladh beò air-loidhne air làrach-lìn TBh Pàrlamaid na h-Alba.. Bidh an sgioba craolaidh cuideachd a’ cumail smachd air do mhaicreafòn. Cha leig thu leas dad a chur air no dheth.

Comhairliche

Uaireannan bidh eòlaichean nan comhairlichean aig comataidhean airson pìos obrach. Suidhidh iad ri taobh an neach-gairm.

Luchd-rannsachaidh Ionad Fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba (SPICe)

Tha SPICe nan luchd-rannsachaidh a tha a’ toirt taic do chomataidhean agus BPA. Mar eisimpleir, bidh iad a’ sgrìobhadh phàipearan-ullachaidh do BhPA agus a’ toirt cùl-fhiosrachadh do chomataidhean mu rannsachaidhean.

Oifigear Dàimh Mheadhanan

Bidh oifigearan Dàimh Mheadhanan ag obair leis na meadhanan, agus a’ freagairt cheistean bho luchd-naidheachd a dh’fhaodadh èirigh à coinneamh comataidh.

Obair Com-pàirteachaidh

Tha Oifigear Com-pàirteachaidh aig gach comataidh a chuidicheas le bhith a’ toirt choimhearsnachdan an lùib obair comataidh.

Tèarainteachd

Bidh buill den sgioba tèarainteachd taobh a-muigh an dorais, agus nan suidhe taobh a-staigh an t-seòmair nuair a bhios comataidh a’ coinneachadh air beulaibh a’ phobaill.

Am Poball

Tha gailearaidh poblach anns gach seòmar comataidh. Faodaidh buill den phoball tighinn is falbh rè coinneamh phoblach.

Luchd-naidheachd

Faodaidh luchd-naidheachd coimhead air coinneamhan comataidh. Mar as tric suidhidh iad ann an sreath aghaidh a’ ghailearaidh agus is dòcha gum bi iad a’ sgrìobhadh notaichean.

Às dèidh coinneamh na comataidh

A’ gabhail pàirt ann an coinneamhan bhiortail

Coinneamhan bhiortail agus haidhbrid

A bharrachd air coinneachadh sa Phàrlamaid, faodaidh comataidhean coinneamhan “bhiortail” no “haidhbrid” a chumail a-nis.

Tha coinneamh bhiortail a’ ciallachadh nach eil buill na comataidh ann an seòmar comataidh còmhla. Dh'fhaodadh iad a bhith san oifis no aig an taigh. Faodaidh luchd-fianais a’ choinneamh a fhrithealadh a’ cleachdadh bathar-bog co-labhairt bhidio.

Tha coinneamh haidhbrid a’ ciallachadh gum faodadh cuid de dhaoine a bhios a’ gabhail pàirt sa choinneimh, luchd-fianais nam measg, a bhith ann an seòmar comataidh. Dh’fhaodadh daoine eile pàirt a ghabhail a’ cleachdadh bathar-bog co-labhairt bhidio.

Innsidh na clàrcan dhut dè an seòrsa coinneimh anns am bi thu a’ toirt seachad fianais.

Coimhead air bhidio air mar a thèid thu còmhla ri coinneamh bhrìgheil