Rannsachadh air Feumalachdan a Bharrachd airson Ionnsachadh
Mar a thathar a’ cur an gnìomh an ro-bheachd air ‘prìomh shruthadh’ (mainstreaming)
- Tha an ro-bheachd gum faighear ‘foghlam sa phrìomh shruth’ air neart a thoirt do chòraichean sgoilearan gum bi iad air an gabhail a-steach ri taobh an co-aoisean, agus na prìomh cheithir feartan ion-ghabhaltais gan comharrachadh mar: an làthair, a’ gabhail pàirt, a’ coileanadh, agus a’ faighinn taic.
- Dè an ìre ris a bheil sibh a’ faireachdainn gu bheil an ro-bheachd air prìomh shruthadh a’ lìbhrigeadh foghlam ion-ghabhalta gu soirbheachail airson nan sgoilearan sin aig a bheil feum air taic a bharrachd?
agus/no - Dè a’ bhuaidh, ma tha buaidh sam bith ann, a tha an ro-bheachd air prìomh shruthadh a’ toirt air foghlam nan sgoilearan aig nach eil feum air taic a bharrachd?
Airson chlann aig a bheil feumalachdan taice a bharrachd, bhon ghnàth-eòlas agaibh:
- An urrainn dhuibh fios a thoirt seachad air mar a chaidh na feumalachdan taice a bharrachd seo aithneachadh agus a chomharrachadh air thùs? An robh dàil sam bith sa phròiseas a lean aithneachadh is comharrachadh foirmeil nam feumalachdan taice a bharrachd a bu chòir a bhith a’ fosgladh cothrom air an taic a bharrachd? Ma bha, dè an dàil a bh’ ann?
- Far a bheil am pàiste ga theagasg ann an suidheachaidhean speisealta, an urrainn dhuibh eisimpleirean a thoirt seachad far a bheil na feumalachdan taice a bharrachd aca gan coileanadh, agus eisimpleirean far nach eil?
- Dè an taic speisealta a bhios am pàiste a’ faighinn agus dè an taic a gheibh sibh a thaobh cothrom fhaighinn air an taic seo? A bheil beàrnan sam bith san taic speisealta a thathar a’ toirt seachad an dara cuid a chionn ’s nach eil an taic speisealta òrdaichte ri faighinn no a chionn ’s nach eilear a’ toirt seachad taic a bharrachd nach deach òrdachadh gu foirmeil?
- A’ cothromachadh ghnothaichean, a bheil sibh den bheachd gu bheil an ro-bheachd air prìomh shruthadh air a bhith na leasachadh deimhinneach no neo-dheimhinneach airson ur pàiste no san fharsaingeachd? Agus, a’ cothromachadh ghnothaichean, a bheil sibh den bheachd gu bheil an ro-bheachd air prìomh shruthadh air a bhith na leasachadh deimhinneach no neo-dheimhinneach airson chlann eile ann an sgoiltean na h-Alba?
Buaidh COVID-19 air taic a bharrachd airson ionnsachadh
- Dè na dòighean sa bheil an galar mòr-sgaoilte air buaidh a thoirt air feumalachdan nan sgoilearan aig a bheil feumalachdan taice a bharrachd agus coileanadh nam feumalachdan sin, gu deimhinneach no gu neo-dheimhinneach?
- Dè cho soirbheachail ’s a tha ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean air gnothaichean a chur air dòigh gus na feumalachdan sin a choileanadh?
Cleachdadh nam fluasglaidhean (remedies) air an cur an cèill san Achd
- Ciamar a tha pàrantan/luchd-cùraim agus daoine òga air an gabhail a-steach sna co-dhùnaidhean a bhios a’ toirt buaidh air taic a bharrachd airson ionnsachadh a bhios ga toirt seachad airson dhaoine òga, agus am faodadh seo a bhith nas fheàrr?
- A bheil fios agaibh gu bheil fuaslaidhean reachdail a thaobh solarachadh taic a bharrachd airson ionnsachadh mar a chuireadh an cèill san Achd 2004, gu h-àraid:
- A’ chòir air ‘neach-taice’ a bhith an làthair ann an còmhraidhean no ‘neach-obrach tagradaireachd’ a chuireas ìmpidh air an ùghdarras ionadail, ach chan fheum an t-ùghdarras ionadail pàigheadh airson seo. (earr. 14)
- A’ chòir air seirbheisean tagradaireachd, an-asgaidh, dhaibhsan a tha a’ toirt chùisean don Tribiunal Feumalachdan Taice a Bharrachd (earr. 14A)
- Eadar-mheadhanachadh neo-eisimeileach, an-asgaidh (earr. 15)
- Breithneachadh neo-eisimeilach, saor ’s an-asgaidh (riaghailtean fo earr. 16)
- Tribiunal airson chùisean àraid co-cheangailte ri Planaichean Taice Co-òrdanaichte, iarrtasan airson àite a ghabhail agus cùisean leth-bhreith ciorramachd fo Achd na Co-ionannachd 2010.
- Ma tha gnàth-eòlas agaibh air gin de na pròiseasan seo, a bheil beachdan sam bith agaibh orra?
- A bheil beachdan sam bith eile agaibh?