Skip to main content

Language: English / Gàidhlig

Loading…

Gabh pàirt

Gàidhlig

Is urrainn dhan a h-uile duine pàirt a ghabhail ann am Pàrlamaid na h-Alba, ge b' e dè an cànan a th’ aca. Tha àite fìor chudromach aig a' Ghàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba. 

A’ cleachdadh Gàidhlig airson conaltradh leis a’ Phàrlamaid

Is urrainn dhut conaltradh leis a’ Phàrlamaid, ge b’ e a bheil thu fileanta no ag ionnsachadh. Is urrainn dhut conaltradh leis a’ Phàrlamaid sna dòighean a leanas:

  • sgrìobhadh thugainn no post-d a chur thugainn sa Ghàidhlig - freagraidh sinn sa Ghàidhlig
  • fòn a chur thugainn sa Ghàidhlig air 0131 348 5395 (seirbheis teachdaireachd a-mhàin)
  • ar leantainn air Twitter sa Ghàidhlig
  • a’ leughadh  a' bhloga Ghàidhlig againn
  • a’ leughadh fiosrachadh mun Phàrlamaid sa Ghàidhlig
  • seisean foghlaim Gàidhlig no dà-chànanach a chur air dòigh airson sgoil, colaiste no buidheann foghlaim
  • èisteachd ris a’ phod-chraoladh sheachdaineil againn Gaelic word of the week a bhios a’ teagasg barrachd Gàidhlig agus barrachd mu Phàrlamaid na h-Alba dhut

Gabh pàirt sa Phàrlamaid le Gàidhlig

Is urrainn dhut obair a ghabhail ann an obair na Pàrlamaid sa Ghàidhlig: Is urrainn dhut Gàidhlig a chleachdadh gus:

  • litir/post-d a chur dhan BhPA agad
  • na beachdan agad a chur gu comataidhean
  • athchuinge a chur a-steach

Mothachadh mun Ghàidhlig

Tha sinn cuideachd airson aire a thogail mun Ghàidhlig tro cheuman leithid soidhnichean dà-chànanach san togalach againn agus a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig ann am foillseachaidhean.

Airson fiosrachadh a bharrachd mun Ghàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba, faic Plana Gàidhlig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba.

Goireasan Abair Beagan/Sgrìobh Beagan do dhaoine nach eil fileanta sa Ghàidhlig

Ionnsaich beagan abairtean Gàidhlig airson coinneamhan pàrlamaideach (no eile) agus beagan abairtean airson litrichean is foillseachaidhean.

Goireasan Abair Beagan/Sgrìobh Beagan

Turas bhiortail

Dèan Turas 360-degree de Phàrlamaid na h-Alba, le stiùireadh sa Ghàidhlig.

Planaichean Gàidhlig

Bho chaidh Achd na Gàidhlig aontachadh ann an 2005, feumaidh buidhnean poblach leithid Pàrlamaid na h-Alba sgrìobhainn ris an canar Plana Gàidhlig ullachadh a h-uile 5 bliadhna.

Tha am phlana seo a’ cur air adhart mar a bhios sinn

  • a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an obair làitheil Pàrlamaid na h-Alba
  • a’ cur an comas cleachdadh na Gàidhlig ann an conaltradh leis a’ phoball agus le prìomh chom-pàirtichean, agus
  • a’ brosnachadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig

Plana airson 2023-2028

Ruigsinneachd

Tha sinn ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil na sgriobhainnean pdf uile air am foillseachadh ann an cruth Iàn ruigsinneach. Ach, nuair a chuireas buidheann bhon taobh a-muigh sgriobhainnean thugainn chan eil seo an-còmhnaidh comasach. Ma tha feum agad air an sgrìobhainn seo ann an cruth eile, nach cuir thu fios gu Sgioba na Gàidhlig. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh anns an aithris ruigsinneachd againn.

Tha am plana as ùire airson 2023 gu 2028 ri fhaighinn an seo.

Plana Gàidhlig BCPA 2023-28 (2MB, PDF)
Air a phostadh18 Faoilleach 2024

Aithisgean Dearcnachaidh air Planaichean Gàidhlig

SPCB Gaelic Language Plan Monitoring Report 2019/20 (English) (428KB, pdf)
air a phostadh 05 Dàmhair 2023

Aithisg Dearcnachaidh BCPA 2019/20 (Gàidhlig) (606KB, pdf)
air a phostadh 05 Dàmhair 2023 

SPCB Gaelic Language Plan Monitoring Report 2020/21 (English) (350KB, pdf)
air a phostadh 05 Dàmhair 2023 

Aithisg Dearsnachaidh BCPA 2020/21 (Gàidhlig) (379KB, pdf)
air a phostadh 05 Dàmhair 2023 

SPCB Gaelic Language Plan Monitoring Report 2021/22 (English) (348KB, pdf)
air a phostadh 05 Dàmhair 2023 

Aithisg Dearsnachaidh BCPA 2021/22 (Gàidhlig) (343KB, pdf)
air a phostadh 05 Dàmhair 2023 


Mar a chleachdas sinn a’ Ghàidhlig sa Phàrlamaid

Back to Gabh pàirt